scratch-l10n/www/dmca/gd.json
chrisgarrity 26e3bd064d Add www resources
Add scratch-www translation resources and include in the pubished package.
2018-03-13 11:46:37 -04:00

7 lines
2.2 KiB
JSON
Raw Blame History

This file contains ambiguous Unicode characters

This file contains Unicode characters that might be confused with other characters. If you think that this is intentional, you can safely ignore this warning. Use the Escape button to reveal them.

{
"dmca.intro": "Tha suim aig a bhuidheann rannsachaidh Lifelong Kindergarten air còraichean seilbh inntleachdail càich s an luchd-chleachdaidh againne. Ma tha thu dhen bheachd gun deach lethbhreac dhen obair agad a dhèanamh air dòigh a bhriseas a-steach air còraichean-lethbhreac, cuir post-d gu copyright@scratch.mit.edu no cuir do ghearan air a phost gu:",
"dmca.llkresponse": "Sgrùdaidh am buidheann Lifelong Kindergarten casaidean brisidh a-steach gu luath agus nì sinn na tha iomchaidh fon Digital Millennium Copyright Act (“DMCA”) agus fo laghan seilbh inntleachdail iomchaidh eile. Nuair a gheibh sinn brath a ghèilleas ris an DMCA air ìre mhòr, faodaidh am buidheann Lifelong Kindergarten gnìomh a ghabhail gu h-astarach gus stuth sam bith a thoirt air falbh no an t-inntrigeadh a bhacadh air na chaidh aithris gum briseadh e a-steach air còraichean. Crìochnaichidh sinn an cùmhnant leis an fheadhainn a bhriseas a-steach air còraichean-lethbhreac treas phàrtaidhean a-rithist s a-rithist ma bhios seo iomchaidh san t-suidheachadh.",
"dmca.assessment": "Nuair a nì sinn measadh air co-dhiù an do bhris neach-cleachdaidh Scratch a-steach air na còraichean-lethbhreac agad, thoir an aire gur e iomairt foghlaim neo-phrothaideach a th anns an Scratch a tha ag amas innealan a thoirt dhan chloinn ach an ionnsaicheadh iad s a bheireadh iad na beachdan agad seachad le teicneolas digiteach. Thoir fainear dhut cuideachd air an teagasg “Fair Use” am broinn Copyright Act o 1976, 17 U.S.C. § 107.",
"dmca.eyetoeye": "Tha sinn an dùil s an dòchas nach beachdaich thu air Scratch mar chothrom gus na chruthaich thu/an làrach-lìn agad a bhrosnachadh a-mhàin ach cuideachd mar chothrom gus piseach a thoirt air foghlam cloinne.",
"dmca.afterfiling": "Ma chuireas tu romhad gearan a thogail mu bhriseadh a-steach air còraichean-lethbhreac, thoir an aire gum faod sinn am brath agad a postadh leis an fhiosrachadh a dhaithnicheas cò thusa air fhàgail às gu clearinghouse mar chillingeffects.org. Thoir an aire cuideachd gum bi fiachanas dochainn (a gabhail a-steach cosgaisean is tàillean luchd-lagha) ort ma mhì-riochdaicheas tu le buaidh mhòr gun do bhris gnìomh a-steach air a chòir-lethbhreac agad."
}