{ "dmca.intro": "Tha suim aig a’ bhuidheann rannsachaidh Lifelong Kindergarten air còraichean seilbh inntleachdail càich ’s an luchd-chleachdaidh againne. Ma tha thu dhen bheachd gun deach lethbhreac dhen obair agad a dhèanamh air dòigh a bhriseas a-steach air còraichean-lethbhreac, cuir post-d gu copyright@scratch.mit.edu no cuir do ghearan air a’ phost gu:", "dmca.llkresponse": "Sgrùdaidh am buidheann Lifelong Kindergarten casaidean brisidh a-steach gu luath agus nì sinn na tha iomchaidh fon Digital Millennium Copyright Act (“DMCA”) agus fo laghan seilbh inntleachdail iomchaidh eile. Nuair a gheibh sinn brath a ghèilleas ris an DMCA air ìre mhòr, faodaidh am buidheann Lifelong Kindergarten gnìomh a ghabhail gu h-astarach gus stuth sam bith a thoirt air falbh no an t-inntrigeadh a bhacadh air na chaidh aithris gum briseadh e a-steach air còraichean. Crìochnaichidh sinn an cùmhnant leis an fheadhainn a bhriseas a-steach air còraichean-lethbhreac treas phàrtaidhean a-rithist ’s a-rithist ma bhios seo iomchaidh san t-suidheachadh.", "dmca.assessment": "Nuair a nì sinn measadh air co-dhiù an do bhris neach-cleachdaidh Scratch a-steach air na còraichean-lethbhreac agad, thoir an aire gur e iomairt foghlaim neo-phrothaideach a th’ anns an Scratch a tha ag amas innealan a thoirt dhan chloinn ach an ionnsaicheadh iad ’s a bheireadh iad na beachdan agad seachad le teicneolas digiteach. Thoir fainear dhut cuideachd air an teagasg “Fair Use” am broinn Copyright Act o 1976, 17 U.S.C. § 107.", "dmca.eyetoeye": "Tha sinn an dùil ’s an dòchas nach beachdaich thu air Scratch mar chothrom gus na chruthaich thu/an làrach-lìn agad a bhrosnachadh a-mhàin ach cuideachd mar chothrom gus piseach a thoirt air foghlam cloinne.", "dmca.afterfiling": "Ma chuireas tu romhad gearan a thogail mu bhriseadh a-steach air còraichean-lethbhreac, thoir an aire gum faod sinn am brath agad a postadh leis an fhiosrachadh a dh’aithnicheas cò thusa air fhàgail às gu clearinghouse mar chillingeffects.org. Thoir an aire cuideachd gum bi fiachanas dochainn (a’ gabhail a-steach cosgaisean is tàillean luchd-lagha) ort ma mhì-riochdaicheas tu le buaidh mhòr gun do bhris gnìomh a-steach air a’ chòir-lethbhreac agad." }