"microbit.headerText":"’S e cuairt-bhòrd bìodach a tha sa {microbitLink} a chaidh a dhealbhachadh ach an ionnsaich a’ chlann còdachadh is cruthachadh le teicneolas. Tha iomadh gleus aige, a’ gabhail a-staigh uidheam-taisbeanaidh LED, putanan is mothaichear gluasaid.’S urrainn dhut a cheangal ri Scratch agus pròiseactan cruthachail a thogail a chuireas an saoghal digiteach is an saoghal fiosaigeach ri chèile gu drùidhteach.",
"microbit.checkOSVersionTitle":"Dèan cinnteach gu bheil an siostam-obrachaidh agad co-chòrdail ri Scratch Link",
"microbit.checkOSVersionText":"Chì thu na tionndaidhean as sine dhe na siostam-obrachaidh ris an cuir sinn taic air bàrr na duilleige seo. Faic an stiùireadh air mar a chì thu dè an tionndadh dhe {winOSVersionLink} no {macOSVersionLink} a th’ agad.",
"microbit.closeScratchCopiesTitle":"Dùin na lethbhreacan eile de Scratch",
"microbit.closeScratchCopiesText":"Chan urrainn ach aon lethbhreac de Scratch ceangal ris a’ micro:bit aig an aon àm. Ma tha Scratch fosgailte agad ann an tabaichean eile a’ bhrabhsair, dùin e is feuch ris a-rithist.",
"microbit.otherComputerConnectedTitle":"Dèan cinnteach nach eil coimpiutair sam bith eile ceangailte ris a’ micro:bit agad",
"microbit.otherComputerConnectedText":"Chan urrainn ach aon choimpiutair ceangal ri micro:bit aig an aon àm. Ma tha coimpiutair eile agad a tha ceangailte ris a’ micro:bit agad, bris an ceangal ris a’ micro:bit no dùin Scratch air a’ choimpiutair ud agus feuch ris a-rithist.",
"microbit.resetButtonTitle":"Dèan cinnteach nach brùth thu air a’ phutan “reset”",
"microbit.resetButtonText":"Nuair a bhios tu a’ cleachdadh micro:bit, dh’fhaoidte gum brùth thu air a’ phutan “reset” gun iarraidh aig amannan agus ’s e seo putan air a’ chùlaibh eadar am port USB is port na cumhachd. Dèan cinnteach gun cùm thu do chorragan (is òrdagan) fad air falbh uaithe fhad ’s a bhios tu a’ cleachdadh Scratch!",
"microbit.imgAltMicrobitIllustration":"Dealbh air cuairt-bhòrd micro:bit.",
"microbit.imgAltDragDropHex":"Slaod am faidhle HEX on phasgan dhan a luchdaich thu a-nuas e is leig às e air a’ micro:bit agad.",
"microbit.imgAltDisplayH":"micro:bit a sheallas H.",
"microbit.imgAltHeartBeat":"Pròiseact Scratch le cridhe.",
"microbit.imgAltTiltGuitar":"Pròiseact Scratch le giotàr.",
"microbit.imgAltOceanAdventure":"Pròiseact Scratch le iasg is sacsafon fon uisge."