"about.introOne":"Le Scratch, ’s urrainn dhut na sgeòil, geamannan agus beòthachaidhean eadar-ghnìomhach agad fhèin a phrògramachadh – agus is urrainn dhut na chruthaich thu a cho-roinneadh le càch sa choimhearsnachd air loidhne.",
"about.introTwo":"Cuidichidh Scratch an fheadhainn òga gun smaoinich iad ann an dòigh cruthachail is rianail agus mar a dh’obraicheas iad còmhla – seo sgilean fìor chudromach airson beatha sa 21d linn.",
"about.introThree":"’S e pròiseact aig buidheann Lifelong Kindergarten aig MIT Media Lab a th’ ann an Scratch. Thathar ga sholar an-asgaidh.",
"about.introParents":"Fiosrachadh dha na pàrantan",
"about.whoUsesScratchDescription":"Chaidh Scratch a dhealbhachadh gu h-àraidh airson òganaich eadar 8 is 16 a dh’aois ach cleachdaidh daoine air a bheil diofar aoisean e. Tha milleanan de dhaoine a’ cruthachadh pròiseactan Scratch ann an suidheachaidhean glè eadar-dhealaichte, a’ gabhail a-steach an dachaigh, na sgoiltean, taighean-tasgaidh, leabhar-lannan agus ionadan coimhearsnachd.",
"about.aroundTheWorldDescription":"Tha Scratch ga chleachdadh ann an còrr is 150 dùthaich agus ri fhaighinn ann an còrr is {languageCount} cànan. Airson leum a ghearradh gu cànan eile, briog air a’ chlàr-taice aig bonn na sgrìn. Air neo am broinn deasaiche nam pròiseact, briog air a’ chruinne aig bàrr na sgrìn. Airson piseach a thoirt air eadar-theangachadh no fear ùr a chur ris, faic duilleag an {translationLink}.",
"about.quotesDescription":"Tha an sgioba Scratch air iomadh post-d fhaighinn on òigridh, o phàrantan agus on luchd-fhoghlaim a thug taing dhuinn airson Scratch. A bheil thu airson sealltainn na thuirt iad? ’S urrainn dhut cruinneachadh le {quotesLink} de na fhuair sinn a leughadh.",
"about.literacy":"Ionnsaich còdachadh, ionnsaich le còdachadh",
"about.literacyDescription":"\n Tha comas còdachadh phrògraman coimpiutair na phàirt chudromach dhen litreachas ann an sòisealtas an latha an-diugh. Nuair a dh’ionnsaicheas daoine còdachadh ann an Scratch, ionnsaichidh iad ro-innleachdan cudromach gus duilgheadasan fhuasgladh, pròiseactan a dhealbhachadh agus beachdan a mhìneachadh.\n ",
"about.schools":"Scratch aig an sgoil",
"about.schoolsDescription":"Ionnsaichidh oileanaich le Scratch air gach ìre (on bhun-sgoil gun oilthigh) agus air feadh chuspairean (can matamataig, coimpiutaireachd, cànanachas, sgrùdadh sòisealta). Co-roinnidh an luchd-foghlaim sgeulachdan is goireasan, faighnichidh iad ceistean is lorgaidh iad daoine air {scratchedLink}.",
"about.scratchedLinkText":"làrach-lìn ScratchEd",
"about.research":"Rannsachadh",
"about.researchDescription":"Nì sgioba MIT Scratch agus a cho-obraichean rannsachadh air mar a chleachdas agus mar a dh’ionnsaicheas daoine le Scratch (airson ro-ràdh, faic {spfaLink}). Faigh a-mach barrachd mu {researchLink} Scratch agus {statisticsLink} air Scratch. ",
"about.spfaLinkText":"Scratch: Programming for All",
"about.researchLinkText":"rannsachadh",
"about.statisticsLinkText":"stadastaireachd",
"about.support":"Taic agus maoineachadh",
"about.supportDescription":"Fhuair pròiseact Scratch taic maoineachaidh o na buidhnean seo: {supportersList}. Faic {creditsLink} airson barrachd fiosrachaidh. Nam bu toigh leat taic a chur ri Scratch, faic {donateLink} Fonndas Scratch no cuir fios thugainn air {donateemail}.",
"about.donateLinkText":"duilleag nan tabhartasan",