scratch-l10n/www/scratch-website.dmca-l10njson/gd.json
2019-02-12 10:55:07 +01:00

24 lines
No EOL
5.1 KiB
JSON
Raw Blame History

This file contains ambiguous Unicode characters

This file contains Unicode characters that might be confused with other characters. If you think that this is intentional, you can safely ignore this warning. Use the Escape button to reveal them.

{
"dmca.intro": "Tha suim aig a bhuidheann rannsachaidh Lifelong Kindergarten air còraichean seilbh inntleachdail càich s an luchd-chleachdaidh againne. Ma tha thu dhen bheachd gun deach lethbhreac dhen obair agad a dhèanamh air dòigh a bhriseas a-steach air còraichean-lethbhreac, cuir post-d gu copyright@scratch.mit.edu no cuir do ghearan air a phost gu:",
"dmca.llkresponse": "Sgrùdaidh am buidheann Lifelong Kindergarten casaidean brisidh a-steach gu luath agus nì sinn na tha iomchaidh fon Digital Millennium Copyright Act (“DMCA”) agus fo laghan seilbh inntleachdail iomchaidh eile. Nuair a gheibh sinn brath a ghèilleas ris an DMCA air ìre mhòr, faodaidh am buidheann Lifelong Kindergarten gnìomh a ghabhail gu h-astarach gus stuth sam bith a thoirt air falbh no an t-inntrigeadh a bhacadh air na chaidh aithris gum briseadh e a-steach air còraichean. Crìochnaichidh sinn an cùmhnant leis an fheadhainn a bhriseas a-steach air còraichean-lethbhreac treas phàrtaidhean a-rithist s a-rithist ma bhios seo iomchaidh san t-suidheachadh.",
"dmca.assessment": "Nuair a nì sinn measadh air co-dhiù an do bhris neach-cleachdaidh Scratch a-steach air na còraichean-lethbhreac agad, thoir an aire gur e iomairt foghlaim neo-phrothaideach a th anns an Scratch a tha ag amas innealan a thoirt dhan chloinn ach an ionnsaicheadh iad s a bheireadh iad na beachdan agad seachad le teicneolas digiteach. Thoir fainear dhut cuideachd air an teagasg “Fair Use” am broinn Copyright Act o 1976, 17 U.S.C. § 107.",
"dmca.eyetoeye": "Tha sinn an dùil s an dòchas nach beachdaich thu air Scratch mar chothrom gus na chruthaich thu/an làrach-lìn agad a bhrosnachadh a-mhàin ach cuideachd mar chothrom gus piseach a thoirt air foghlam cloinne.",
"dmca.afterfiling": "Ma chuireas tu romhad gearan a thogail mu bhriseadh a-steach air còraichean-lethbhreac, thoir an aire gum faod sinn am brath agad a postadh leis an fhiosrachadh a dhaithnicheas cò thusa air fhàgail às gu clearinghouse mar chillingeffects.org. Thoir an aire cuideachd gum bi fiachanas dochainn (a gabhail a-steach cosgaisean is tàillean luchd-lagha) ort ma mhì-riochdaicheas tu le buaidh mhòr gun do bhris gnìomh a-steach air a chòir-lethbhreac agad.",
"dmca.counternotification": "Brath-àichidh",
"dmca.ifremoved": "Ma chaidh an t-susbaint agad a thoirt air falbh ri linn brath toirt air falbh DMCA agus thuse den bheachd gu bheil còir laghail agad an t-susbaint a chleachdadh agus ma tha thu airson an tagairt a dheasbad fon lagh, s urrainn dhut brath-àichidh CMCA fhaidhlicheadh. Bha bu chòir dhut brath-àichidh a chur a-steach ach ma chaidh an t-susbaint a thoirt air falbh ri linn mearachd no mì-aithneachadh agus ma tha thu deònach dol dhan chùirt airson do chleachdadh dhen stuth a dhìon.",
"dmca.mailcounter": "S urrainn dhut brath-àichidh DMCA a chur air a phost-d gu copyright@scratch.mit.edu no gu:",
"dmca.mustinclude": "Seo na dhfheumas tighinn am broinn a bhratha-àichidh:",
"dmca.fullname": "D ainm slàn",
"dmca.address": "An seòladh agad",
"dmca.phone": "An àireamh fòn agad",
"dmca.email": "An seòladh puist-d agad",
"dmca.username": "Ainm-cleachdaiche a chunntais Scratch agad",
"dmca.projecturl": "URLaichean nam pròiseactan a chaidh a thoirt air falbh",
"dmca.statementerror": "Aithris fo pheanas eithich gun deach an t-susbaint a thoirt air falbh le mearachd",
"dmca.statementjurisdiction": "Aithris a dhaontaicheas ri uachdranas laghail san sgìre far a bheil thu a fuireach",
"dmca.signature": "Do làmh-sgrìobhte",
"dmca.valid": "Nuair a gheibh sinn brath-àichidh DMCA dligheach, co-roinnidh Scratch am fiosrachadh a thug thu seachad leis an neach a thagair briseadh a-steach air còraichean lethbhreac nad aghaidh o thùs. S urrainn dhaibh am fiosrachadh sin a chleachdadh airson conaltradh leat no fios a chur thugad ma chuireas iad romhpa cùis-lagha fhaidhlicheadh nad aghaidh.",
"dmca.lawsuit": "Mura faigh sinn fios gu bheil cùis-lagha ga fhaidhlicheadh am broinn deich (10) làithean-obrach às dèidh ar brath-àichidh a sholar do neach a dhfhaidhlich brath toirt air falbh DMCA, thèid an t-susbaint a chaidh a thoirt air falbh aiseag.",
"dmca.repeat": "Luchd a bhriseas a-steach iomadh turas",
"dmca.disableaccess": "Tha DMCA ag èigneachadh oirnn gun cuir sinn à comas an t-inntrigeadh dhan t-seirbheis againn airson daoine a bhriseas a-steach air còraichean-lethbhreac iomadh turas. Ma gheibh sinn brath toirt air falbh a ghèilleas ri DMCA an aghaidh neach agus mura cuir an neach sin brath-àichidh a-steach, thèid comharra a chur ris a chunntas aca. às dèid trì (3) comharran fhaighinn, thèid na cunntasan a tha leis an neach a bhacadh agus cleachdaidh sinn dòighean stannardach airson an t-inntrigeadh aca do Scratch a bhacadh. Measaidh sinn comharran deich (10) làithean-obrach às dèidh brath toirt air falbh DMCA fhaighinn airson dèanamh cinneach nach dèid duine a bhacadh mus robh teans aca sùil a thoirt air a chùis agus brath-àichidh dligheach a chur a-steach."
}