scratch-l10n/www/scratch-website.developers-l10njson/gd.json
2021-05-11 03:14:30 +00:00

60 lines
No EOL
9.7 KiB
JSON
Raw Blame History

This file contains ambiguous Unicode characters

This file contains Unicode characters that might be confused with other characters. If you think that this is intentional, you can safely ignore this warning. Use the Escape button to reveal them.

{
"developers.hereLinkText": "an-seo",
"developers.title": "Scratch dhan luchd-leasachaidh",
"developers.introLinkText": "Sgioba Scratch aig MIT",
"developers.intro": "Air an duilleag seo, gheibh thu fiosrachadh air na pròiseactan le tùs fosgailte a tha {introLink} a cruthachadh s a glèidheadh agus air na beachdan againn air na dòighean-obrach as fheàrr a chum dealbhadh eòlas ionnsachaidh dhan chlann.",
"developers.projectsTitle": "Pròiseactan",
"developers.principlesTitle": "Prionnsabalan",
"developers.joinTitle": "Rach an sàs ann",
"developers.donateTitle": "Thoir tìodhlac dhuinn",
"developers.partnersTitle": "Com-pàirtichean",
"developers.faqTitle": "CÀBHA",
"developers.projectsIntro": "Seo na pròiseactan a tha open source agus ri am faighinn a chum adhbhar sam bith.",
"developers.scratchBlocksTitle": "Scratch Blocks",
"developers.scratchBlocksIntroBlocklyLinkText": "teicneolas Blockly",
"developers.scratchBlocksIntro": "S e pròiseact leasachaidh ùr a th ann am Scratch Blocks airson an ath-ghinealach dhe bhlocaichean prògramachaidh grafaigeach s tha e stèidhichte air co-obrachadh eadar Google agus sgioba Scratch MIT tha {blocklyLink} aig Google na bhunait dha agus tha sgioba Scratch a cur an eòlas ris a thaobh leasachadh innealan ionnsachaidh cruthachail dhan fheadhainn òga. Solairidh Scratch Blocks frèam-obrach gus blocaichean prògramachaidh a chruthachadh an dà chuid ann am fòrmat inghearach (stèidhichte air teacsa) agus còmhnard (stèidhichte air ìomhaigheagan). Gheibh thu inntrigeadh dhan chòd (na ro-shealladh leasachaidh aig an àm seo) s dhan docamaideadh {githubLink}.",
"developers.scratchBlocksBody": "Gabhaidh a chiad fhoillseachadh seo a-staigh an còd airson gràmar còmhnard Scratch. San àm ri teachd, tha sinn ag amas barrachd còd fhoillseachadh, a gabhail a-staigh ach chan ann a-mhàin an gràmar inghearach (ga chleachdadh le Scratch aig an àm seo), einnsean reandaraidh ùr gus taic a chur ri sprìdean is èifeachdan grafaigeachd agus einnsean fuaime ùr a bheir taic do chruthachadh le fuaimean is ceòl.",
"developers.wwwTitle": "Uicidh Scratch",
"developers.wwwIntro": "S e cliant-lìn aon-seasmhach airson coimhearsnachd Scratch a th ann an Scratch-www a tha sinn a togail le taic React is Redux. Gheibh thu an còd s an docamaideadh air {wwwIntroLink}.",
"developers.LearningPrinciples": "prionnsabalan ionnsachaidh",
"developers.DesignPrinciples": "prionnsabalan dealbhaidh",
"developers.principlesIntro": "Chruthaich sinn Scratch gus comas a thoirt do dhaoine òga ach am beachdaich iad air dòighean cruthachail is rianail agus ach an obair iad còmhla. Tha {learningPrinciples} agus {designPrinciples} gar stiùireadh agus tha sinn an dòchas gun lean thu orra nuar a chruthaicheas tu innealan is teicneolasan ùra le Scratch Blocks.",
"developers.jrBodyWebsiteLinkText": "Làrach-lìn ScratchJr",
"developers.jrBody": "S e cànan prògramachaidh airson toiseach-tòiseachaidh a th ann an ScratchJr a bheir comas don chlann òg (aois 5-7) ach an chruthaich iad na sgeulachdan is geamannan eadar-ghnìomhach aca fhèin. Airson barrachd fiosrachaidh, tadhail air {websiteLink} no faigh inntrigeadh dhan còd is docamaideadh air {githubLink}.",
"developers.learningPrinciplesProjectsBody": "Bidh an ionnsachadh as fhasa do dhaoine nuair a bhios iad fhèin ag obair air pròiseactan a toirt beachdan ùra, a dealbhachadh ro-shamhlaidhean, a toirt piseach air rudan agus a cruthachadh rud a dhobraicheas.",
"developers.learningPrinciplesPassionTitle": "Dìorras",
"developers.learningPrinciplesPassionBody": "Nuair a bheir daoine an aire air nithean a tha cudromach dhaibh, obraichidh iad nas fhaide agus nas cruaidhe, cumaidh iad a dol nuair a dhèireas dùbhlanan dhaibh agus ionnsaichidh iad barrachd fad s a bhios iad ris.",
"developers.learningPrinciplesPeersTitle": "Co-aoisean",
"developers.learningPrinciplesPeersBody": "Thèid gu math leis an ionnsachadh nuair a bhios e na ghnìomhachd sòisealta agus na h-oileanaich a co-roinneadh am beachdan, ag obair còmhla air pròiseactan agus a togail air obair càich a chèile.",
"developers.learningPrinciplesPlayTitle": "Cluich",
"developers.learningPrinciplesPlayBody": "Tha an ionnsachadh mar fheuchainn spòrsail a feuchainn rudan ùra, a diogach le stuthan, a deuchainn nan crìochan, a meantairigeadh agus ga ath-thriall a-rithist s a-rithist.",
"developers.designPrinciplesRoomTitle": "Làr ìosal ⁊ ballachan farsaing",
"developers.designPrinciplesRoomBody": "A chum iomadh seòrsa de dheadar-ghnìomh a bhrosnachadh, gabhaidh sinn a-steach eileamaidean is gleusan a tha furasta tuigsinn dhan chlann (làr ìosal) ach uile-choitcheann gu leòr airson iomadh cleachdadh eadar-dhealaichte (ballachan farsaing) a dhaona-ghnothaich.",
"developers.designPrinciplesSimpleTitle": "Dèan cho furasta sa ghabhas e agus fiù s nas fhasa",
"developers.designPrinciplesSimpleBody": "A dhaindeoin gu bheil e cumanta barrachd is barrachd gleusan a chur ri bathar-bog, mhothaich sinn gum bi e nas tlachdmhoire dhan luchd-chleachdaidh nuair a bhios nad lugha a ghleusan ann. Ged a bhios coltas a chuingeachaidh air aig an toiseach, brosnaichidh seo barrachd cruthachalachd.",
"developers.designPrinciplesGlobalTitle": "Iomadh slighe, iomadh stoidhle",
"developers.designPrinciplesGlobalBody": "Bu dual dhuinn iomadh gnìomh matamataig is saidheans amas air daoine sònraichte. On a bheir sinn an aire sònraichte air teicneolas a tha so-ruigsinn is tlachdmhor, tha sinn ag obair air na gnìomhan seo a thoirt do chàch cuideachd.",
"developers.designPrinciplesTinkerTitle": "Dealbhadh ach an gabh diogach",
"developers.designPrinciplesTinkerBody": "The sinn sinn den bheachd gu bheil an t-ionnsachadh nàdarra ath-thriallach. Tòisichidh an luchd-diogaich le rùrachadh is feuchainn, a cur gleus air na h-amasan aca is air na chruthaich iad. A chum taic a chur ris an seòrsa dhe dheadar-ghnìomh seo, dealbhaichidh sinn na h-eadar-aghaidhean againn ach an gach nithean a chur fo dheuchainn gun dàil agus an ath-thriall gu luath.",
"developers.joinBodyJobsLinkText": "duilleag nan dreuchdan",
"developers.joinBody": "S e buidheann caochlaideach de luchd-foghlaim, dealbhaichean agus innleadairean a th annainn agus tha sinn ag obair còmhla ann an àrainneachd spòrsail is cruthachail làn breigichean LEGO, stuthan-ciùird is innealan dèanadair. Cuiridh sinn suim mhòr ann an iomadachd, co-obrachadh agus meas aig an àite-obrach. Nam bu mhiann leat obair còmhla rinn, thoirt sùil air na dreuchdan fosgailte air {jobsPageLink} againn no cuir post-d thugainn aig {emailLink}.",
"developers.donateIntroLinkText": "toir thu tìodhlac dhuinn airson taic a thoirt do Scratch",
"developers.donateIntro": "Tha sinn toilichte Scratch a sholar an-asgaidh. Ma tha Scratch a còrdadh riut nach {donateLink}? Tha sinn measail air tabhartasan beaga cuideachd.",
"developers.donateBody": "Thèid do thabhartas gu Fonndas Scratch a chleachdadh gus taic a chur ri leasachadh bathar-bog is làrach-lìn Scratch san àm ri teachd.",
"developers.donateThanks": "Mòran taing airson taic a thoirt do Scratch!",
"developers.partnersIntro": "Cha b urrainn dhuinn an còd fosgailte seo a chruthachadh s a ghlèidheadh às aonais taic theicneolach is ionmhasail fhialaidh o na com-pàirtichean againn:",
"developers.faqAboutTitle": "Càite am faigh mi barrachd fiosrachaidh mu Scratch?",
"developers.faqAboutBodyLLKLinkText": "Lifelong Kindergarten",
"developers.faqAboutBodyMITLinkText": "MIT Media Lab",
"developers.faqAboutBody": "S e cànan prògramachaidh agus coimhearsnachd air loidhne saor s an-asgaidh a th ann an Scratch far an urrainn dhan fheadhainn òga na sgeòil, geamannan agus beòthachaidhean eadar-ghnìomhach aca fhèin a chruthachadh. S e pròiseact aig buidheann {llkLink} aig {mitLink} a th ann an Scratch. Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mu Scratch {aboutLink}.",
"developers.faqRulesTitle": "A bheil riaghailtean air mar a chleachdas mi an còd seo san aplacaid agam?",
"developers.faqRulesBody": "Faodaidh tu an còd seo a chleachdadh a-rèir a cheadachais fon a bheil gach pròiseact. Mholamaid cuideachd gun oir thu an aire air prionnsabalan ionnsachaidh is dealbhaidh (air an duilleag seo gu h-àrd) nuair a chruthaicheas tu eòlasan ionnsachaidh cruthachail do chlann de gach aois.",
"developers.faqNameTitle": "Am faod mi ainm “Scratch Blocks” a chleachdadh ann an tuairisgeul na h-aplacaid agam agus ann an teachdaireachdan poblach eile?",
"developers.faqNameBody": "Ma thogras tu, faodaidh tu ràdh gu poblach gu bheil an aplacaid agad ga thoirt seachad le cumhachd Scratch Blocks. Ma nì thu sin, mholamaid gun cuir thu ceangal gu ionad-tasgaidh a chòd ris.",
"developers.faqReleasesTitle": "Am bi sibh a foillseachadh barrachd còd is cuine?",
"developers.faqReleasesBody": "Tha fainear dhuinn barrachd bhun-tùsan a thaobh cànan prògramachaidh Scratch fhosgladh rè nam mìosan ri teachd. Cùm sùil air an duilleag seo!",
"developers.faqDifferencesTitle": "Dè an diofar eadar Blockly agus Scratch Blocks?",
"developers.faqDifferencesBody": "Tha Scratch Blocks stèidhichte air bun-tùs Blockly agus chaidh a dhealbhadh gu sònraichte a chum nam prionnsabalan a chuireas taic ri eòlas ionnsachaidh eadar-ghnìomhach.",
"developers.faqCollabTitle": "Bu toigh leam obair còmhla ruibh. Ciamar a gheibh mi greim oirbh?",
"developers.faqCollabBody": "You can reach us over on {githubLink} or on our {contactUsLink} page. We look forward to hearing from you!"
}