scratch-l10n/www/scratch-website.conference-index-l10njson/gd.json
2019-02-12 10:55:07 +01:00

56 lines
No EOL
6.5 KiB
JSON
Raw Blame History

This file contains ambiguous Unicode characters

This file contains Unicode characters that might be confused with other characters. If you think that this is intentional, you can safely ignore this warning. Use the Escape button to reveal them.

{
"conference-2018.title": "Co-labhairt Scratch 2018:",
"conference-2018.subtitle": "An ath-ghinealach",
"conference-2018.dateDesc": "26-28mh dhen Iuchar 2018 | Cambridge, MA, SAA",
"conference-2018.dateDescMore": " (le fàilteachadh fosglaidh feasgar an 25mh Iuchair)",
"conference-2018.locationDetails": "MIT Media Lab, Cambridge, MA",
"conference-2018.seeBelow": "Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mu chinn-latha is ionadan nan co-labhairtean gu h-ìosal.",
"conference-2018.date": "Càite:",
"conference-2018.location": "Cuine:",
"conference-2018.desc1": "Thig dhan cho-labhairt Scratch@MIT againn, seo tional tlachdmhor de luchd-foghlaim, luchd-rannsachaidh, luchd-leasachaidh agus buill eile dhen choimhearsnachd Scratch o fheadh an t-saoghail.",
"conference-2018.desc2": "Tha sinn a planaigeadh co-labhairt far an gabh a h-uile duine pàirt, le latha slàn de bhùithtean-obrach cruthachail agus iomadh cothrom gus deasbaid a dhèanamh agus obair còmhla. Tha an co-labhairt gu h-araidh a chum inbhich a chuireas taic ri daoine òga a tha ag ionnsachadh Scratch.",
"conference-2018.registrationDate": "Fosglaidh an clàradh 1ad dhen Mhàrt 2018.",
"conference-2018.registerNow": "Clàraich an-dràsta!",
"conference-2018.sessionDesc": "Am bu toigh leat seisean a chur air dòigh? Tha sinn a sireadh ceithir seòrsaichean da thairgsean:",
"conference-2018.sessionItem1Title": "Postair/Taisbeanadh (90 mionaid).",
"conference-2018.sessionItem1Desc": "Seall am pròiseact agad do chàch ann an suidheachadh taisbeanaidh ri taobh luchd-taisbeanaidh eile. Gheibh thu àite gus postair a chur an àirde agus bòrd airson coimpiutair no bileagan.",
"conference-2018.sessionItem2Title": "Bùth-obrach (90 mionaid):",
"conference-2018.sessionItem2Desc": "Cruthaich rudan còmhla ri daoine eile, a soillseachadh dòighean ùra dhaibh a chruthachadh s ag obair còmhla le Scratch.",
"conference-2018.sessionItem3Title": "Panail eadar-ghnìomhach (60 mionaid).",
"conference-2018.sessionItem3Desc": "Dèan deasbaid mu chuspair co-cheangailte ri Scratch le triùir no barrachd daoine eile. Bu chòir dhan tairgse agad mìneachadh dè bhios tarraingeach dhan èisteachd rè an t-seisein.",
"conference-2018.sessionItem4Title": "Òraid brosnachaidh (5 mionaid):",
"conference-2018.sessionItem4Desc": "Co-roinn na rinn thu le taisbeanadh goirid s acainneach.",
"conference-2018.deadline": "Is 5mh dhen Ghearran 2018 ceann-là nan tairgsean.",
"conference-2018.proposal": "Cuir a-null an tairgse agad",
"conference-2018.proposalDeadline": "Ceann-là nan tairgsean: 5mh dhen Ghearran",
"conference-2018.proposalAccept": "Brathan gabhail ris: 1ad dhen Mhart",
"conference-2018.registrationTitle": "Clàradh:",
"conference-2018.registrationEarly": "Clàradh tràth (1ad dhen Mhart 1ad dhen Chèitean): $200",
"conference-2018.registrationStandard": "Clàradh àbhaisteach (às dèidh 1ad dhen Chèitean): $300",
"conference-2018.questions": "A bheil ceist agad? Cuir fios gu Sgioba Scratch Team air {emailLink}",
"conference-2018.questionsTitle": "Ceistean:",
"conference-2018.submissionQ": "Chaill mi an ceann-là gus rud a chur a-steach. Am faod mi tairgse airson a cho-labhairt a chur a-null fhathast?",
"conference-2018.submissionAns": "Cha ghabh sinn ri tairgsean a thaobh cuspairean tuilleadh.",
"conference-2018.regQ": "Chan urrainn dhomh a bhith an làthair ach airson aon latha dhen cho-labhairt. Am faod mi clàradh airson aon latha a-mhàin?",
"conference-2018.regAns": "Tha sinn duilich ach cha tairg sinn ticeadan airson aon latha a-mhàin.",
"conference-2018.accommodationsQ": "Tha mi airson an turas agam a chur air dòigh. A bheil molaidhean agaibh air àitichean-fuirich?",
"conference-2018.accommodationsAns1": "Tha, tha MIT ag obair còmhla ri taighean-òsta san sgìre a bheir lasachaidhean ao dhaoine a thig gu tachartas MIT, a gabhail a-steach: {marriottLink} (0.4 mìle o MIT Media Lab), {holidayinnLink} (1.6 mhìle), {residenceinnLink} (0.3 mìle), agus {lemeridienLink} (0.9 mìle). Gus seòmar a ghlèidheadh aig fear dhe na taighean-òsta seo, cuir fòn gun taigh-òsta agus iarr lasachadh MIT. Mholamaid gun glèidh thu seòmar ro làimh on a bhios na samhraidhean glè thrang ann am Boston. Tha gach lasachadh MIT a-rèir faotainneachd .",
"conference-2018.accommodationsAns2": "Ma tha thu a sireadh roghainnean àite-fhuirich eile, mholamaid cuideachd {acLink} (7.1 mìltean), {doubletreeLink} (3.3 mìltean) agus {hotelbostonLink} leis a chòd MITSC2018 (5.3 mìltean). Nach beachdaich thu air roghainnean co-roinneadh taighe mar Airbnb cuideachd? Seo liosta nas fhaide de dhàitichean-fuirich: {mitLink}.",
"conference-2018.here": "an-seo",
"conference-2018.accommodationsAns3": "Tha cothrom no dhà ri fhaighinn ann an suain-lann aig {neuLink} air na prìsean seo:",
"conference-2018.apartment": "Àras",
"conference-2018.suite": "Seòmraichean-aoigheachd",
"conference-2018.single": "Singilte",
"conference-2018.double": "Dùbailte",
"conference-2018.pp": "/neach/oidhche",
"conference-2018.accommodationsAns4": "Gus seòmar iarraidh san t-suain-lann, coilean {dormrequestLink}. Thoir an aire gu bheil an Northeastern ann am Boston, dà mhìle air falbh on ionad co-labhairt aig MIT. Bheir e leth-uair a thìde dol a-null le còmhdhail phoblach a ghaibh thu leis an loidhne uaine (stad Northeastern air an loidhne E) no an loidhne orains (stad Ruggles Station).",
"conference-2018.dormRequestText": "foirm iarraidh seòmair san t-suain-lann",
"conference-2018.letterQ": "Am faigh mi litir visa?",
"conference-2018.letterAns": "Gheibh. Cuir fios thugainn air {emailLink} agus cuiridh sinn litir thugad air a phost-d.",
"conference-2018.preConfQ": "Bhiodh tachartas ann Oidhche Chiadain ron cho-labhairt sna bliadhnaichean roimhe. Am bi a leithid ann am bliadhna?",
"conference-2018.preConfAns": "Bidh fàilteachadh neo-fhoirmeil air Oidhche Chiadain, an 25mh dhen Iuchar. Feumaidh tu clàradh tràth nam bu toigh leat tighinn ann.",
"conference-2018.bringQ": "Dè bheir mi leam?",
"conference-2018.bringAns": "Feuch an toir thu an t-uidheam pearsanta agad (mholamaid laptop) agus càball cumhachd leat. Ma tha thu nad òraidiche, thoir stuthan an taisbeanaidh agad leat (bheir sinn proiseactar is sgrìn dhut). Bidh greimeannan-bìdh agus deochan-laga rim faighinn fad an latha.",
"conference-2018.moreQ": "A bheil barrachd cheistean agad?",
"conference-2018.moreAns": "Cuir fios gun sgioba Scratch air {emailLink}."
}