scratch-l10n/www/teacher-faq/gd.json
chrisgarrity 26e3bd064d Add www resources
Add scratch-www translation resources and include in the pubished package.
2018-03-13 11:46:37 -04:00
49 lines
8.6 KiB
JSON
Raw Blame History
This file contains ambiguous Unicode characters
This file contains Unicode characters that might be confused with other characters. If you think that this is intentional, you can safely ignore this warning. Use the Escape button to reveal them.
"teacherfaq.title": "CÀBHA mu chunntasan tidseir Scratch",
"teacherfaq.teacherWhatTitle": "Dè th ann an cunntasan tidseir?",
"teacherfaq.teacherWhatBody": "Bheir cunntas tidsear gleusan a bharrachd dha thidsearan is luchd-foghlaim eile ach an stiùirich iad mar a ghabhas oileanaich pàirt air Scratch, a gabhail a-steach cruthachadh chunntasan oileanaich, eagrachadh air pròiseactan nan oileanach ann an stiùideothan agus cumail sùil air beachdan nan oileanach. Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mu chunntasan tidseir sa video gu h-ìosal:",
"teacherfaq.teacherSignUpTitle": "Ciamar a dhiarras mi cunntas tidseir?",
"teacherfaq.teacherWaitTitle": "Carson a tha agam ri feitheamh latha mus fhaigh mi an cunntas agam?",
"teacherfaq.teacherWaitBody": "Cleachdaidh Sgioba Scratch an latha sin gus lèirmheas a dhèanamh a làimh air iarrtasan cruthachadh cunntais a chum dearbhaidh gur ann le neach-foghlaim a chaidh an cunntas a chruthachadh.",
"teacherfaq.teacherPersonalTitle": "Carson a bhios sibh feumach air an fhiosrachadh phearsanta agam rè a chlàraidh?",
"teacherfaq.teacherPersonalBody": "Cleachdaidh sinn am fiosrachadh sin a chum dearbhaidh gur ann le neach-foghlaim a chaidh an cunntas a chruthachadh. Cha cho-roinn sinn am fiosrachadh seo le duine beò agus cha tèid a shealltainn gu poblach air an làrach.",
"teacherfaq.teacherGoogleTitle": "An tèid cunntasan tidseir amalachadh le Google Classroom no seirbheis stiùireadh seòmraichean-clas sam bith eile?",
"teacherfaq.teacherGoogleBody": "Cha tèid cunntasan tidseir Scratch amalachadh le seirbheis stiùireadh seòmraichean-clas sam bith.",
"teacherfaq.teacherEdTitle": "A bheil cunntasan tidseir Scratch co-cheangailte ri cunntasan ScratchEd?",
"teacherfaq.teacherMultipleTitle": "Am faod iomadh tidsear a bhith aig an aon chlas?",
"teacherfaq.teacherMultipleBody": "Chan fhaod ach aon chunntas tidseir a bhith co-cheangailte ris gach clas.",
"teacherfaq.teacherQuestionsTitle": "Dè nì mi ma tha ceist no beachd agam air cunntasan tidseir?",
"teacherfaq.studentAccountsTitle": "Cunntasan nan oileanach",
"teacherfaq.studentVerifyTitle": "Am bi agam ris gach seòladh puist-d aig na h-oileanaich agam a dhearbhadh?",
"teacherfaq.studentVerifyBody": "Cha bhi. Air sgàth s nach cleachd cunntasan nan oileanach seòlaidhean puist-d fa leth, thèid an co-roinneadh a chur an comas airson a h-uile cunntas clas nuair a dhearbhas tu an seòladh puist-d tidseir agad.",
"teacherfaq.studentEndTitle": "Dè thachras nuair a chuireas mi “crìoch” air a chlas agam?",
"teacherfaq.studentEndBody": "Nuair a chuireas tu crìoch air clas, thèid duilleag pròifil a chlas fhalach agus chan urrainn do na h-oileanaich agad clàradh a-steach tuilleadh (ach chithear na pròiseactan aca agus stiùideothan a chlas air an làrach fhathast). Faodaidh tu an clas fhosgladh a-rithist ùine sam bith.",
"teacherfaq.studentForgetTitle": "Dè thachras nuair a dhìochuimhnicheas oileanach am facal-faire aca?",
"teacherfaq.studentForgetBody": "S urrainn dhut facal-faire oileanaich ath-shuidheachadh sa chunntas tidseir Scratch agad. Tadhail air “Na clasaichean agam” an toiseach (on bhratach phurpaidh air an duilleag-dhachaigh no sa chlàr-taice teàrnaidh ri taobh an ìomhaigheag cleachdaiche agad). An uair sin, lorg an cleas ceart agus briog air ceangal nan oileanach. S urrainn dhut am facal-faire ath-shuidheachadh an uair sin aig ìre an oileanaich le clàr-taice nan roghainnean.",
"teacherfaq.studentUnsharedTitle": "Am faic mi pròiseactan oileanaich nach deach a cho-roinneadh?",
"teacherfaq.studentUnsharedBody": "Chan urrainn do chunntasan tidseir inntrigeadh ach pròiseactan oileanaich a chaidh a cho-roinneadh.",
"teacherfaq.studentDeleteTitle": "An urrainn dhomh cunntas oileanaich a sguabadh às?",
"teacherfaq.studentDeleteBody": "Chan urrainn do thidsear cunntas oileanaich a sguabadh às. S urrainn do dhoileanaich na cunntasan aca fhèin a sguabadh às ann an “Roghainnean a chunntais” acasan.",
"teacherfaq.studentAddTitle": "An urrainn dhomh cunntas Scratch a tha ann a chur ris a chlas agam?",
"teacherfaq.studentAddBody": "Chan urrainn ach do chunntasan a chaidh a cruthachadh leis an tidsear pàirt a ghabhail ann an clas. Gidheadh, tha sinn ag amas an gleus seo a chur ris san àm ri teachd.",
"teacherfaq.studentMultipleTitle": "An urrainn do dhoileanach a bhith ann an grunn chlasaichean?",
"teacherfaq.studentMultipleBody": "Chan urrainn do dhoileanach ach pàirt a ghabhail ann an aon chlas. Gidheadh, tha sinn ag amas an gleus seo a chur ris san àm ri teachd.",
"teacherfaq.studentDiscussTitle": "A bheil àite ann far an urrainn do thidsearan bruidhinn ri chèile mu dhèidhinn cunntasan tidseir?",
"teacherfaq.studentDataTitle": "Dè an dàta a chruinnicheas Scratch mu na h-oileanaich?",
"teacherfaq.studentDataBody": "Nuair a chlàraicheas oileanach le Scratch, iarraidh sinn dàta deamografach bunasach orra, a gabhail a-steach an aois (mìos is bliadhna breith) s an dùthaich s an seòladh puist-d a chum dearbhaidh. Thèid an dàta sin (chan ann an dàta fhèin mar a tha e ach agragaid dheth) a chleachdadh ann an sgrùdaidhean rannsachaidh gus cur ris an eòlas againn air mar a dhionnsaicheas daoine le Scratch. Nuair a chleachdas neach-foghlaim cunntas tidseir Scratch gus grunn de chunntasan oileanaich a chruthachadh, chan iarr sinn post-d no suidheachadh cunntais air na h-oileanaich.",
"teacherfaq.studentPrivacyLawsTitle": "An gèill Scratch 2.0 (an tionndadh air loidhne) ri laghan prìobhaideachd dàta ionadail is feadarail nan Stàitean Aonaichte?",
"teacherfaq.studentPrivacyLawsBody": "Tha meas mòr aig Scratch air prìobhaideachd nan oileanaich agus nan daoine uile a chleachdas an t-ùrlar againn. Tha modhan fiosaigeach is leatronaigeach againn gus am fiosrachadh a chruinnicheas sinn air làrach-lìn Scratch a dhìon. Gad nach urrainn dhuinn barantas cùmhnaint a thoirt do gach eintiteas a chleachdas am bathar foghlaim saor s an-asgaidh againn, tha sinn a gèilleadh ris gach lagh feadarail nan Stàitean Aonaichte a bhios an sàs air MIT, sin buidheann 501(c)(3) agus an t-eintiteas a chruthaich agus a ghlèidheas Scratch. Mholamaid gun leugh thu poileasaidh prìobhaideachd Scratch airson barrachd fiosrachaidh.",
"teacherfaq.commTitle": "Coimhearsnachd",
"teacherfaq.commHiddenTitle": "An urrainn dhomh clas falaichte a chruthachadh?",
"teacherfaq.commHiddenBody": "Chan urrainn. Gabhaidh gach susbaint a thèid a cho-roinneadh sa chlas agad inntrigeadh le coimhearsnachd Scratch.",
"teacherfaq.commWhoTitle": "Cò leis a nì na h-oileanaich agam eadar-ghnìomhan air Scratch?",
"teacherfaq.commWhoBody": "Tha na h-aon pribhleidean coimhearsnachd aig cunntasan oileanaich Scratch s a tha aig cunntas Scratch àbhaisteach, a leithid co-roinneadh phròiseactan, sgrìobhadh bheachdan, cruthachadh stiùideothan is mar sin air adhart. Mar thidsear, chì thu gnìomhachd gu lèir nan oileanach agad agus s urrainn dhut beagan maoirsinneachd a dhèanamh am broinn a chlas agad.",
"teacherfaq.commInappropriateTitle": "Dè nì mi ma chì mi rudeigin nach eil iomchaidh?",