"conference-2017.desc":"Mar chomharrachadh air an 10mh ceann-bliadhna aig Scratch, òstaichidh coimhearsnachd eadar-nàiseanta Scratch co-labhairetean ionadail ann an iomadh baile air feadh an t-saoghail am bliadhna.",
"conference-2017.seeBelow":"Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mu chinn-latha is ionadan nan co-labhairtean gu h-ìosal.",
"conference-2017.date":"Ceann-là",
"conference-2017.location":"Àite",
"conference-2017.audience":"Ag amas air",
"conference-2017.language":"Cànan",
"conference-2017.website":"Tadhail air an làrach-lìn",
"conference-2017.franceTitle":"Scratch2017BDX",
"conference-2017.franceSubTitle":"A’ fosgladh, a’ brosnachadh, a’ ceangal",
"conference-2017.franceDesc":"’S e cothrom a th’ ann an Scratch2017BDX ach an tachair sibh ri daoine eile ’s ach an co-roinnidh sibh ur beachdan agus airson brosnachadh fhaighinn ’s a thoirt seachad. Seo fèis eadar-nàiseanta airson cruthachalachd a chomharrachadh ’s tlachd fhaighinn à nua-lorg is tuigse mu Scratch is nithean eile.",
"conference-2017.brasilDesc":"Bheir co-labhairt Scratch ann am Braisil 2017 cothrom do luchd-fhoghlaim, luchd-rannsachaidh, luchd-leasachaidh is luchd-cruthachaidh Braisileach ach an tachair iad ri chèile a chruthachadh, a cho-roinneadh ’s a dh’ionnsachadh le Scratch. Brosnaichidh an co-labhairt deasbadan mu chleachdadh Scratch taobh a-staigh ’s a-muigh na sgoile, mu choimpiutaireachd chruthachail, leudachain Scratch is cuspairean cudromach eile co-cheangailte ri brosnachadh air cleachdadh Scratch ann am Braisil. Tha sin ag amas air tachartasan com-pàirteach le iomadh bùth-obrach prataigeach, seiseanan phostairean is cothroman co-obrachaidh.",
"conference-2017.hungaryDesc":"‘Se cothrom sònraichte a th’ ann an co-labhairt Scratch ann am Budapest airson coinneachadh ri teaghlach Scratch leudaichte agus fàs is brosnachadh faighinn còmhla. Seo àite airson tlachd a ghabhail à beachdachadh ’s prògramachadh cruthachail agus pàirt a ghabhail ann an caochladh de chothroman a lorg sinn. Tha sinn a’ brosnachadh atharrachadh –’s e sìol ghìogaichean a th’ annainn – agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri obair chruaidh thlachdmhor. Tha sinn an dùil air àm ri teachd sona. Thig a choinneachadh ’s a dh’obair còmhla ri buill eile coimhearsnachd Scratch.",
"conference-2017.chileDesc":"’S e cothrom a th’ ann an Scratch al Sur 2017 airson ionnsachadh dè cho cudromach ’s a tha teagasg chànanan prògramachaidh san sgoil. Bheir na òraidean is bùithtean-obrach uile cothrom airson eòlas a cho-roinneadh eadar dhaoine seann-eòlach agus an fheadhainn a tha air ùr-thighinn gu coimhearsnachd Scratch an t-saoghail.",
"conference-2017.chinaDesc":"Thig còmhla rinn a chur taic ri obair cruthachail le Scratch san t-Sìn. Co-roinn dòighean air an gabh gaol air prògramachadh, beòthachadh, coimhearsnachd ’s a’ bheatha a bhrosnachadh.",
"conference-2017.costaricaDesc":"’S e tachartas eadar-nàiseanta na coimhearsnachd a th’ ann an co-labhairt Scratch Chosta Rìcea a thionaileas tidsearan, oileanaich, gnìomhachasan is ceannabhaidh ach am bi prògramachadh is dealbhachadh nam pàirtean de dh’fhoghlam gach duine-chloinne, a’ tòiseachadh le Scratch.",
"conference-2017.costaricaAudience":"Luchd-cleachdaidh Scratch, tidsearan, ollamhan, daoine le ùidh ann an Scratch, oileanaich oilthighe (tidsearan ’s luchd-leasachaidh bathair-bhog san àm ri teachd) à Costa Rìcea agus dùthchannan Aimeireaga eile far a bheil Spàinntis ga bhruidhinn"