scratch-l10n/www/scratch-website.parents-l10njson/gd.json

41 lines
5.5 KiB
JSON
Raw Normal View History

{
"parents.title": "Do phàrantan",
"parents.intro": "S e bathar-bog agus coimhearsnachd air loidhne a th ann an Scratch far an urrainn dhan chlann na sgeòil, geamannan agus beòthachaidhean eadar-ghnìomhach agad fhèin a phrògramachadh is a cho-roinneadh le càch air feadh an t-saoghail. Fad s a chruthaicheas a chlann rudeigin le Scratch, ionnsaichidh iad mar a smaoinicheas iad gu cruthachail is gu rianail agus mar a dhobraicheas iad còmhla. Tha Scratch ga dhealbhachadh agus ga ghlèidheadh leis a bhuidheann Lifelong Kindergarten aig MIT Media Lab. ",
"parents.overview": "Mar a dhobraicheas e",
"parents.faq": "CÀBHA",
"parents.overviewTitle": "Ciamar a tha Scratch ag obair don chlann?",
"parents.overviewLearningTitle": "Ionnsachadh",
"parents.overviewLearningBody": "Airson foir-shealladh air aon duilleag air na dhionnsaicheas òganaich le Scratch, faic {learningWithScratch}.\\nLeugh artaigil air an {creativeLearningApproach}.",
"parents.learningWithScratchLinkText": "Ionnsachadh le Scratch",
"parents.creativeLearningApproachLinkText": "Dòigh-ionnsachaidh chruthachail",
"parents.overviewCommunityTitle": "Coimhearsnachd",
"parents.overviewCommunityBody": "Iarraidh sinn gun lean a h-uile duine a chleachdas an làrach-lìn na {communityGuidelines}.\\nCha cheadaich sinn inntrigeadh do dhfhiosrachadh prìobhaideach nan cunntasan do dhuine sam bith. Airson barrachd fiosrachaidh, faic {privacyPolicy}.",
"parents.communityGuidelinesLinkText": "Riaghailtean giùlain",
"parents.privacyPolicyLinkText": "Poileasaidh prìobhaideachd",
"parents.faqMoreAndAsk": "Airson barrachd fiosrachaidh mu Scratch, faic{faqPage}.\\nS urrainn dhut am {discussionForums} a cleachdadh cuideachd airson ceistean a chur oirnn.\\nMa dhfheumas tu conaltradh ris an sgioba gu dìreach, briog air {contactUs} aig bonn dulleige sam bith.",
"parents.faqLinkText": "Ceistean àbhaisteach (CÀBHA)",
"parents.faqDiscussionForumsLinkText": "Bòrd-brath",
"parents.faqContactUsLinkText": "Cuir fios thugainn",
"parents.faqAgeRangeTitle": "Dè an aois iomchaidh airson Scratch?",
"parents.faqAgeRangeBody": "Chaidh Scratch a dhealbhadh a dhaona-ghnothach dhan fheadhainn òga o 8 gu 16 bliadhna a dhaois ach cruthaichidh is co-roinnidh daoine de gach aois pròiseactan Scratch. Mholamaid {scratchJr} dhan chlann nas òige, seo tionndadh sìmplichte dhe Scratch a chaidh a dhealbhadh dhan fheadhainn o 5 gu 7 bliadhna a dhaois.",
"parents.faqResourcesTitle": "Dè na goireasan a tha ri làimh gus Scratch ionnsachadh?",
"parents.faqResourcesBody": "Ma tha thu a dèanamh toiseach-tòiseachaidh, tha {stepByStepGuide} ri fhaighinn am broinn Scratch. Airson foir-shealladh air goireasan Scratch, faic duilleag nam {ideasPage}.",
"parents.faqIdeasLinkText": "Beachdan",
"parents.faqStepByStepGuideLinkText": "treòir ceum air cheum",
"parents.faqGettingStartedGuideLinkText": "Treòir toiseach-tòiseachaidh (PDF)",
"parents.faqScratchCardsLinkText": "Cairtean Scratch",
"parents.faqTipsLinkText": "Oidheaman",
"parents.faqCommunityTitle": "Dè th anns a choimhearsnachd Scratch air loidhne?",
"parents.faqCommunityBody": "Nuair a ghabhas iad pàirt sa choimhearsnachd air loidhne aig Scratch, s urrainn do na buill rùrachadh agus feuchainn ann an coimhearsnachd ionnsachaidh air loidhne fosgailte còmhla ri buill Scratch le diofar dhòighean-bheatha, aoisean is ùidhean. S urrainn dha na buill an cuid obrach a cho-roinneadh, beachdan fhaighinn air agus ionnsachadh o chàch a chèile.",
"parents.faqGuidelinesTitle": "Dè an giùlan ceart sa choimhearsnachd Scratch?",
"parents.faqGuidelinesBody": "Tha sgioba MIT Scratch ag obair còmhla ris a choimhearsnachd airson àrainneachd càirdeil is modhail a ghlèidheadh do luchd de gach aois, cinneadh, creideamh, aidmheil cleamhnais is fèin-aithne gnè. S urrainn dhut taic a thoirt ri do chuid cloinne ach an ionnsaich iad na dòighean is sibh a leughadh na {communityGuidelines} còmhla. Tha sinn a guidhe air na buill gum bi na beachdan aca cuideachail agus gun cuidich iad a cumail an làrach-lìn càirdeil le cur gearain mu shusbaint sam bith nach gèill ris na riaghailtean giùlain. Tha sgioba Scratch ag obair gach latha a stiùireadh na gnìomhachd air an làrach-lìn agus a freagairt ri gearanan le taic innealan mar criathrag droch-chainnt {CleanSpeak}.",
"parents.faqCommunityGuidelinesLinkText": "riaghailtean giùlain",
"parents.faqPrivacyPolicyTitle": "Dè am poileasaidh prìobhaideachd agaibh?",
"parents.faqPrivacyPolicyBody": "A chum dìon prìobhaideachd air loidhne a chloinne, cuingichidh sinn na chruinnicheas sinn rè a chlàraidh agus na dhfhoillsicheas sinn air an làrach-lìn. Cha reic is cha toir sinn fiosrachadh seachad air mhàl do dhuine sam bith. Gheibh thu barrachd fiosrachaidh air duilleag na {privacyPolicy}.",
"parents.faqFAQLinkText": "duilleag nan ceistean àbhaisteach",
"parents.faqOfflineTitle": "An gabh Scratch a chleachdadh gun a bhith a gabhail pàirt air loidhne?",
"parents.faqOfflineBody": "Leigidh Scratch Desktop leat pròiseactan Scratch a chruthachadh às aonais ceangal dhan eadar-lìon. S urrainn dhut {scratchDesktop} a luchdadh a-nuas on làrach-lìn. Bhiodh “deasaiche far loidhne Scratch” againn air uair.",
"parents.faqScratchDesktop": "Scratch Desktop",
"parents.faqOffline2LinkText": "Deasaiche far loidhne Scratch 2.0",
"parents.faqOffline14LinkText": "Deasaiche far loidhne Scratch 1.4"
}