scratch-l10n/www/scratch-website.about-l10njson/gd.json

34 lines
4.1 KiB
JSON
Raw Normal View History

{
"about.introOne": "Le Scratch, s urrainn dhut na sgeòil, geamannan agus beòthachaidhean eadar-ghnìomhach agad fhèin a phrògramachadh agus is urrainn dhut na chruthaich thu a cho-roinneadh le càch sa choimhearsnachd air loidhne.",
"about.introTwo": "Cuidichidh Scratch an fheadhainn òga gun smaoinich iad ann an dòigh cruthachail is rianail agus mar a dhobraicheas iad còmhla seo sgilean fìor chudromach airson beatha sa 21d linn.",
"about.introThree": "S e pròiseact aig buidheann Lifelong Kindergarten aig MIT Media Lab a th ann an Scratch. Thathar ga sholar an-asgaidh.",
"about.introParents": "Fiosrachadh dha na pàrantan",
"about.introEducators": "Fiosrachadh dhan luchd-foghlaim",
"about.whoUsesScratch": "Cò chleachdas Scratch?",
"about.whoUsesScratchDescription": "Chaidh Scratch a dhealbhachadh gu h-àraidh airson òganaich eadar 8 is 16 a dhaois ach cleachdaidh daoine air a bheil diofar aoisean e. Tha milleanan de dhaoine a cruthachadh pròiseactan Scratch ann an suidheachaidhean glè eadar-dhealaichte, a gabhail a-steach an dachaigh, na sgoiltean, taighean-tasgaidh, leabhar-lannan agus ionadan coimhearsnachd.",
"about.aroundTheWorld": "Air feadh an t-saoghail",
"about.aroundTheWorldDescription": "Cleachdar Scratch ann an còrr is 150 dùthaich agus tha e ri fhaighinn ann an còrr is 40 cànan. Gus do chànan atharrachadh, briog air a chlàr-taice air bonn na duilleige. Air neo, ma tha thu ann an deasaiche nam pròiseact, briog air a chruinne air bàrr na duilleige. Gus cur ri eadar-theangachadh no piseach a thoirt air, tadhail air duilleag an {translationLink}.",
"about.translationLinkText": "eadar-theangachaidh",
"about.quotes": "Iomraidhean",
"about.quotesDescription": "Tha an sgioba Scratch air iomadh post-d fhaighinn on òigridh, o phàrantan agus on luchd-fhoghlaim a thug taing dhuinn airson Scratch. A bheil thu airson sealltainn na thuirt iad? S urrainn dhut cruinneachadh le {quotesLink} de na fhuair sinn a leughadh. ",
"about.quotesLinkText": "iomraidhean",
"about.learnMore": "Barrachd fiosrachaidh mu Scratch",
"about.learnMoreHelp": "Duilleag nan oidheaman",
"about.learnMoreFaq": "Ceistean àbhaisteach (CÀBHA)",
"about.learnMoreParents": "Fiosrachadh dha na pàrantan",
"about.learnMoreCredits": "Urram",
"about.literacy": "Ionnsaich còdachadh, ionnsaich le còdachadh",
"about.literacyDescription": "\n Tha comas còdachadh phrògraman coimpiutair na phàirt chudromach dhen litreachas ann an sòisealtas an latha an-diugh. Nuair a dhionnsaicheas daoine còdachadh ann an Scratch, ionnsaichidh iad ro-innleachdan cudromach gus duilgheadasan fhuasgladh, pròiseactan a dhealbhachadh agus beachdan a mhìneachadh.\n ",
"about.schools": "Scratch aig an sgoil",
"about.schoolsDescription": "Ionnsaichidh oileanaich le Scratch air gach ìre (on bhun-sgoil gun oilthigh) agus air feadh chuspairean (can matamataig, coimpiutaireachd, cànanachas, sgrùdadh sòisealta). Co-roinnidh an luchd-foghlaim sgeulachdan is goireasan, faighnichidh iad ceistean is lorgaidh iad daoine air {scratchedLink}.",
"about.scratchedLinkText": "làrach-lìn ScratchEd",
"about.research": "Rannsachadh",
"about.researchDescription": "Nì sgioba MIT Scratch agus a cho-obraichean rannsachadh air mar a chleachdas agus mar a dhionnsaicheas daoine le Scratch (airson ro-ràdh, faic {spfaLink}). Faigh a-mach barrachd mu {researchLink} Scratch agus {statisticsLink} air Scratch. ",
"about.spfaLinkText": "Scratch: Programming for All",
"about.researchLinkText": "rannsachadh",
"about.statisticsLinkText": "stadastaireachd",
"about.support": "Taic agus maoineachadh",
"about.supportDescription": "Fhuair pròiseact Scratch taic maoineachaidh o na buidhnean seo: {supportersList}. Faic {creditsLink} airson barrachd fiosrachaidh. Nam bu toigh leat taic a chur ri Scratch, faic {donateLink} Fonndas Scratch no cuir fios thugainn air {donateemail}.",
"about.donateLinkText": "duilleag nan tabhartasan",
"about.creditsLinkText": "duilleag an urraim"
}