"research.conductors":"Tha rannsachadh air Scratch ga dhèanamh le sgioba Fonndas Scratch. Nuair a cho-roinneas tu pròiseactan agus nuair a ghabhas tu pàirt sa choimhearsnachd Scratch air loidhne, cuidichidh tu sinn ach an tuigeamaid nas fheàrr mar a thèid Scratch a chleachdadh is ionnsachadh leis. Faodaidh sinn pròiseactan, beachdan is stuthan sam bith eile a chaidh a cho-roinneadh gu poblach air làrach Scratch a ghabhail a-steach ann an sgrùdaidhean, taisbeanaidhean is aithisgean an rannsachaidh. Cha cho-roinn sinn fiosrachadh a dh’aithnicheadh cò thusa idir. Airson barrachd fiosrachaidh, leugh {ethicsCodeLink}. (Ma tha ceist sam bith agad, cleachd am foirm {contactLink}.)",
"research.collaborators":"Chaidh rannsachadh a dhèanamh roimhe ann an co-obrachadh leis a’ bhuidheann Lifelong Kindergartenaig MIT, Yasmin Kafai aig University of Pennsylvania Graduate School of Education, Karen Brennan aig Harvard Graduate School of Education, Benjamin Mako Hill aig University of Washington, Andrés Monroy-Hernández aig Microsoft Research, Mimi Ito agus Crystle Martin aig University of California, Irvine, Quinn Burke aig College of Charleston, Deborah Fields aig Utah State University agus Kylie Peppler aig Indiana University. Chì thu roghadh is taghadh de phàipearan, taisbeanaidhean is tràchdasan rannsachaidh air Scratch agus coimhearsnachd air loidhne Scratch gu h-ìosal le liosta dhe na tabhartasan a thug an National Science Foundation seachad gus taic a chur ri Scratch an uair sin.",